Iain Ghlinn` Cuaich lyrics
This is the Barra version of a beautiful and tender song of unrequited love.
John of Glen Cuaich is thought to have belonged to the Perthshire glen of
that name.
O Iain Ghlinn` Cuaich, fear do choltais cha dual da fas,
Cul bachlach nan dual `s e gu camlubach suas gu bharr,
`S i do phearsa dheas ghrinn a dh`fhag mi cho tinn le gradh,
`S nach` eil cron ort ri inns` o mhullach do chinn gu d`sail.
Ach an trian dhe do chliu cha chuir mise, a ruin an ceill,
`S caoimh` faiteal dhe d`ghnuis na ur choille fo dhruchd ri grein,
Gum b` e miann mo dha shuil a bhith sealltainn gu dluth ad dheidh,
`S math a b`airidh mo run-s` air ban-oighre a` chruin fo sgeith.
Iain, Iain, a ghaoil, cuim` a leig thu me faoin air chul,
Gun ghuth cuimhn` air a` ghaol a bh`againn araon air tus?
Cha tug mise mo speis do dh`fhear eile fo`n ghrein ach thu,
Is cha toir as do dheidh gus an cairear mo chre `san uir.
Ged a chinn thu rium fuar, bheil thu, Iain, gun truas `s mi `m chas,
`S a liuthad la agus uair chuir thu `n ceill gum bu bhuan do ghradh?
Ach ma chaochail mi buaidh, `s gun do choisinn mi t`fhuath na t-fhearg,
Tha mo bheannachd ad dheidh, `s feuch an tagh thu dhuit fhein nas fhearr.
Capercaillie Iain Ghlinn` Cuaich lyrics are provided by;
|