|
|
|
Send "An Eala Bhan" Ringtone to your Cell 
|
An Eala Bhan Lyrics
Gur duilich leam mar tha mi
`S mo chridhe `n sas aig bron
Bhon an uair a dh`fhag mi
Beanntan ard a` cheo
Gleanntannan a`mhanrain
Nan loch, nam bagh `s nan srom
`S an eala bhan tha tamh ann
Gach la air `m bheil mi `n toir.
A Mhagaidh na bi tursach
A ruin, ged gheibhinn bas-
Co am fear am measg an t-sluaigh
A mhaireas buan gu brath?
Chan eil sinn uile ach air chuairt
Mar dhithein buaile fas
Bheir siantannan na blianna sios
`S nach tog a` ghrian an aird.
Tha `n talamh leir mun cuairt dhiom
`Na mheallan suas `s na neoil;
Aig na `shells a` bualadh -
Cha leir dhomh bhuam le ceo:
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a` ghunna mhoir;
Ach ged tha `n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air NicLeoid.
Air m` uilinn anns na truinnsichean
Tha m` inntinn ort, a ghraidh;
Nam chadal bidh mi a` bruadar ort
Cha dualach dhomh bhith slan;
Tha m` aigne air a lionadh
Le cianalas cho lan
`S a`ghruag a dh`fhas cho ruadh orm
A nis air thuar bhith ban
Oidhche mhath leat fhein, a ruin
Nad leabaidh chubhraidh bhlath;
Cadal samhach air a chul
Do dhusgadh sunndach slan
Tha mise `n seo `s an truinnsidh fhuar
`S nam chluasan fuaim bhais
Gun duil ri faighinn as le buaidh -
Tha `n cuan cho buan ri shnamh.
|
Send "An Eala Bhan" Ringtone to your Cell 
An Eala Bhan Lyrics of Capercaillie is copyrighted and AskLyrics is featuring all Capercaillie songs for non-commercial use only.
|
|